Is mise Beathag Mhoireasdan.
Rugadh is thogadh mi ann an Ùig, sgìre iomallach air taobh
an iar-dheas Leòdhais ann an Alba.
Ach ceàrnaidh cho bòidheach 's a tha ann an Ìnnse Gall
le a mheasgachadh de thràighean àlainn, de bheanntan agus
lochan, agus gach aon dhiubh le ainm sònraichte fhèin.
Sin an dearbh àite a bhrosnaich iomadh bàrd gu dàn, ach
gu h-àraid a dhùisg spiorad na bàrdachd anns a' bhàrd, Dòmhnall
MacÌomhair, a sgrìobh 'An Ataireachd Àrd'.
|
 |
|
Ged nach urrainn dhòmhsa a ràdh gu bheil gibht na
bàrdachd agam, saoilidh mi gu bheil mi a' cluinntinn torrann a'
chuain nam chluais an-dràsta fhèin.
Dh' ionnsaich mi mo chuid Gàidhlig aig glùin mo
mhàthar agus cha robh facal Beurla agam no lideadh Beurla nam
chlaigeann gus an deach mi dhan sgoil aig còig bliadhna a dh' aois,
oir cha robh mi a' cluinntinn Beurla!
Nach mi a bha fortanach.
Co-dhiù, dh' atharraich sin glè aithghearr oir b'
ann tron Bheurla a bha sinn a' faighinn ar teagasg.
Chan eil cuimhne idir agam air Beurla ionnsachadh
ach shùigh i a-steach orm, tha mi a' creidsinn.
Nas fhaide air adhart nuair a bha mi an aois,
thòisich mi a' frithealadh Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, an
aon àrd-sgoil a bh' anns na h-Eileanan aig an àm, agus chuir mi
seachad sia bliadhna cho sona 's a bh' agam a-riamh an sin.
Ach dè an uair sin?
Uill, coltach ri iomadach duine eile a bha a'
ròghnachadh foghlaim adhartach a leantainn agus a dhol dhan oilthigh
no foghlam aig àrd-ìre sam bith, b' fheudar dhomh an t-eilean
fhàgail agus a dhol dhan bhaile mhòr.
Thàinig mise a Ghlaschu agus tha mi ann fhathast!
Cha do dhìochuimhnich mi a-riamh àite mo bhreith
is m' àraich ge-tà, agus an togail fìor-Ghàidhealach a fhuair mi,
ach a thuilleadh air an sin, cha do lùghdaich a-riamh an spèis a th'
agam dham chànan màthaireil.
Nuair a smaoinicheas mi air beartas mo chànain 's
mo chultair, tha fhios agam gur h-e rud prìseil a th' ann agus tha
mi fortanach e a bhith agam.
Sin an t-adhbhar a tha mi air a bhith a-riamh ga
thoirt seachad do dhaoine eile.
Agus tha mi air a bhith a' dèanamh sin tro
dhiofar mheadhanan fad mo bheatha m.e. teagasg cànain, seinn agus -
dràma, a tha mar a tha fhios againn den aon ghnè ri sgeulachdan nan
seanchaidh a bh' ann bho thùs.
Feuch gun tadhail sibh air an làrach-lìn agam
agus fàgaibh teachdaireachd.
Bidh mi a' coimhead air adhart ribh agus bidh
fàilte chridheil romhaibh.
|